Tuilleadh rannan

Mamaidh aig a' bhan

Bidh aran ann is briosgaidean,
bidh uighean ann is ham,
bidh càise ann is Weetabix
nuair thilleas i on bhàn.

Tha Mamaidh aig a' bhan
tha Mamaidh aig a' bhan
dè bhios anns a' bhaga
nuair thilleas i on bhan?

Bidh sausages is salann ann
bidh siùcar ann is flùr
ìm is jam is marmalade
nuair thilleas i on bhan.

(Bhon leabhran 'Rannan' le Ceiteag Mhoireasdan)