Tuilleadh rannan

'S toigh leam mo bhiadh


Sèist: 'S toigh leam fhìn, 's toigh leam fhìn, 's toigh leam mo bhiadh
's toigh leam fhìn, 's toigh leam fhìn, 's toigh leam mo bhiadh
's toigh leam fhìn, 's toigh leam fhìn, 's toigh leam mo bhiadh
's toigh leam fhìn maragan math agus iasg.

'S toigh leam ugh sa mhadainn le aran is ìm
brochan agus bainne agus balgam tì
's toigh leam fhìn, 's toigh leam fhìn, 's toigh leam an tì
brochan agus bainne agus balgam tì.

'S toigh leam bìdeag chàise no spàin bheag jam
sosaids air a bruich no slis bheag ham
's toigh leam fhìn, 's toigh leam fhìn, 's toigh leam a' ham
sosaids air a bruich no slis bheag ham.

'S toigh leam fhìn buntàta le càl is feòil
curran às a' ghàrradh is tomato sòs
's toigh leam fhìn, 's toigh leam fhìn, 's toigh leam an sòs
curran às a' ghàrradh is tomato sòs.

'S toigh leam cèicean teòclaid is cofaidh buns
suiteis ann am bogsa agus popsi gums
's toigh leam fhìn, 's toigh leam fhìn, 's toigh leam na gums
suiteis ann am bogsa agus popsi gums.

(Bhon leabhar 'Dòtaman')