Tuilleadh rannan

Tha flùr agus ìm


Tha flùr agus ìm
agus bainne agus salann
agam air an cruinneachadh
's mi dol a dhèanamh aran.

Measgaich iad le chèile
anns a' bhobhla mhòr bhuidhe
cha mhòr nach do dhìochuimhnich mi
gu feumamaid ugh ann.

Tha e nise deasaichte
airson a bhruich air a' ghreideil
mionaid air an taobh seo
's chan fhada gum bi e deiseil.

Ithidh sinn am bonnach
le ìm is gruth is bàrr
copan mòr tì leis
cha b' urrainn na b' fheàrr!


(Bhon leabhar 'Caoran ann an Cliabh' le Mairead Hulse)