Tuilleadh rannan

Tha Mamaidh aig a’ chucair

Tha Mamaidh aig a’ chucair
is rud aice ri dhèanamh
dol a dhèanamh fuine dhuinn
a chumas deagh bhiadh rinn.

Bidh bonnaich bheaga mhilis againn
sliosan buidhe ‘s ‘jam’ orra
aran-coirce is aran-cridhe
sgonaichean is panceics.

Tha Mamaidh aig a’ chucair
is rud aice ri dhèanamh
dol a dhèanamh fuine dhuinn
a chumas deagh bhiadh rinn.