Tuilleadh rannan

Làmhan anns a' bhùrn


Làmhan anns a' bhùrn,
làmhan anns a' bhùrn,
spliosaidh, sploisidh, splaisidh,
tha mo làmhan anns a' bhùrn.

Siabann air mo shròin,
siabann air mo shròin,
siabann geal a ghlanas mi,
tha siabann air mo shròin.

Frasaidh mi am bùrn ort,
frasaidh mi am bùrn ort,
nì mi thu cho fliuch ri lach,
is frasaidh mi am bùrn ort.

(Fonn stèidhte air ‘The farmer’s in his den’)