Tuilleadh rannan

Mar tha mise dèanamh


Cuir do làmhan air do cheann,
air do cheann, air do cheann.
Cuir do làmhan air do cheann,
mar tha mise dèanamh.

Cuir do làmhan gu do chùlaibh,
gu do chùlaibh, gu do chùlaibh.
Cuir do làmhan gu do chùlaibh,
mar tha mise dèanamh.

Air do chasan seas an-àird,
seas an àird, seas an-àird.
Air do chasan seas an-àird,
mar tha mise dèanamh.

Siuthad a-nise, cuiribh car,
cuiribh car, cuiribh car.
Siuthad a-nise, cuiribh car,
mar tha mise dèanamh.

Suidh a-nise 's dùin do shùilean,
dùin do shùilean, dùin do shùilean.
Suidh a-nise 's dùin do shùilean,
mar tha mise dèanamh.

(Bhon leabhar ‘Caoran ann an Cliabh’ le Mairead Hulse)