Seo mo làmh dheas a' smèideadh 's a' smèideadh
seo mo làmh dheas a' smèideadh gu h-àrd
seo mo làmh dheas a' smèideadh 's a' smèideadh
tà-tà ri Dadaidh 's e dol air a' bhàta.
Seo mo làmh cheàrr a' smèideadh 's a' smèideadh
seo mo làmh cheàrr a' smèideadh gu h-àrd
seo mo làmh cheàrr a' smèideadh 's a' smèideadh
cur fàilte air Mamaidh 's i tilleadh sa chàr.
Seo mo chas dheas a' breabadh 's a' breabadh
seo mo chas dheas a' breabadh gu h-àrd
seo mo chas dheas a' breabadh 's a' breabadh
cluiche ball-coise lem bhràthair sa phàirc.
Seo mo chas cheàrr a' breabadh 's a' breabadh
seo mo chas cheàrr a' breabadh gu h-àrd
seo mo chas cheàrr a' breabadh 's a' breabadh
trod ri mo phiuthar corra uair san latha.
Seo mo dhà làimh a' smèideadh le chèile
seo mo dhà chois dol ma seach air an làr
seo mi nam lèine dhearg is siosacot
danns aig an diosco ri fuaim nan giotàran.
Seo mo dhà làimh a' tuiteam nan cadal
seo mo dhà chois aig fois air an làr
sìos air mo ghlùinean dèanamaid ùrnaigh
seo mi nam leabaidh a' dèanamh bà-bà.