Chì thu e an Afraga no 's dòcha
ann an sù
chan eil dathan eile air, dìreach geal is dubh
tha striopan air a cheann, air a chasan, air a bhrù
striopan dubh is geal air, a h-uile h-aonan dhiubh.
Am fac thu riamh sìobra,
càite bheil e fuireach
am fac thu riamh sìobra, a bheil e striopach buileach
am fac thu riamh sìobra, bheil dathan air fhèin
am fac thu riamh sìobra, inns dhomh mu dheidhinn.
Co ris tha sìobra
coltach, inns dhomh ann an diog
co ris tha sìobra coltach, ri asal no each beag
co ris tha sìobra coltach, bheil e geal is dubh
co ris tha sìobra coltach, ceithir casan air co-dhiù!
An toigh leat fhèin
an sìobra, 's toigh gu dearbh fhèin
an toigh leat fhèin an sìobra, tha e cruaidh
is treun
an toigh leat fhèin an sìobra, chan fhaca mi
leithid riamh
an toigh leat fhèin an sìobra, 's toigh leam
fhèin striopan brèagha.