|

Tha bòtannan dearg aig Màiri
tha bòtannan gorm aig Uilleam
tha bòtannan dubh aig Peigi 's aig Rut
's tha na bòtannan agamsa buidhe.
Tha bòtannan pinc
aig Seònaid
tha bòtannan uaine aig Lusaidh
tha bòtannan glas aig Iain 's aig Marc
's tha na bòtannan agamsa buidhe.
Is caomh leam mo bhòtannan
buidhe
O 's caomh leam mo bhòtannan buidhe
's mise bhiodh coma ged thigeadh an t-uisge
oir is caomh leam mo bhòtannan buidhe.
(Bhon leabhar 'Trobhadaibh
a-steach' le Mairead Hulse)
|