Tuilleadh rannan

An lòn-dubh


Fuirich an-diugh gus a-màireach
gràdh air eiteagan àirinn hù-o
gus an snìomh mi lèine shnàith dhut
bun a' chip, air a' chip, bun an ruid, air an ruid
gràdh air eiteagan àirinn hù-o
fuirich an-diugh gus a-màireach.

Gus an snìomh mi lèine shnàith dhut
gràdh air eiteagan àirinn hù-o
chuireadh an lìon 's cha do dh'fhàs e
bun a' chip, air a' chip, bun an ruid, air an ruid
gràdh air eiteagan àirinn hù-o
fuirich an-diugh gus a-màireach.

Tha an dealg spàil aig Rìgh na Frainge
gràdh air eiteagan àirinn hù-o
tha bheairt-fhighe an coille Phàdraig
bun a' chip, air a' chip, bun an ruid, air an ruid
eun beag air a nid, seinnidh e làmh riut
beinn dubh, seinn dubh, o hò rò lòn-dubh
gràdh air eiteagan àirinn hù-o
fuirich an-diugh gus a-màireach.