Tuilleadh rannan

Anns a' choille ud thall


Anns a' choille ud thall, bha craobh a' fàs,
làidir, dìreach, còmhnard, àrd,
is bha duilleach uaine fàs mun cuairt oirre,
bha duilleach uaine fàs.

Is air a' chraoibh ud thall bha meur,
a' mheur as bòidhche chunna tu riamh,
bha mheur air a' chraoibh, bha craobh anns a' choille,
is bha duilleach uaine fàs mun cuairt oirre,
bha duilleach uaine fàs.

Is air a' mheur, bha nead bheag bhrèagha,
an nead as bòidhche chunna tu riamh,
bha nead air a' mheur, bha mheur air a' chraoibh, bha craobh anns a' choille,
is bha duilleach uaine fàs mun cuairt oirre,
bha duilleach uaine fàs.

Is anns an nead, bha ugh beag brèagha,
an t-ugh as bòidhche chunna tu riamh,
bha an t-ugh anns an nead, bha nead air a' mheur,
bha mheur air a' chraoibh, bha craobh anns a' choille,
is bha duilleach uaine fàs mun cuairt oirre,
bha duilleach uaine fàs.

Is anns an ugh, bha eun beag brèagha,
an t-eun as bòidhche chunna tu riamh,
bha an t-eun anns an ugh, bha an t-ugh anns an nead,
bha nead air a' mheur, bha mheur air a' chraoibh,
bha craobh anns a' choille,
is bha duilleach uaine fàs mun cuairt oirre,
bha duilleach uaine fàs.

Is air an eun, bha sgiath bheag bhrèagha,
an sgiath as bòidhche chunna tu riamh,
bha an sgiath air an eun, bha an t-eun anns an ugh,
bha an t-ugh anns an nead, bha nead air a' mheur,
bha mheur air a' chraoibh, bha craobh anns a' choille,
is bha duilleach uaine fàs mun cuairt oirre,
bha duilleach uaine fàs.

Is air an sgiath, bha ite bheag bhrèagha,
an t-ite as bòidhche chunna tu riamh,
bha an t-ite air an sgiath, bha an sgiath air an eun,
bha an t-eun anns an ugh, bha an t-ugh anns an nead,
bha nead air a' mheur, bha mheur air a' chraoibh,
bha craobh anns a' choille,
is bha duilleach uaine fàs mun cuairt oirre,
bha duilleach uaine fàs.

(Bhon leabhar 'Trealaich is Tuilleadh Trealaich' le Mairead Hulse. Fonn: 'All in a wood there grew a tree')