Chaidh còig tunnagan beaga
a shnàmh aon là
thall air a' chnoc agus fada air falbh.
Thuirt Mamaidh tunnag, "guag guag guag"
ach cha tàinig ach ceithir tunnagan beaga air ais.
Chaidh ceithir tunnagan
beaga a shnàmh aon là
thall air a' chnoc agus fada air falbh.
Thuirt Mamaidh tunnag, "guag guag guag"
ach cha tàinig ach trì tunnagan beaga air ais.
Chaidh trì tunnagan
beaga a shnàmh aon là
thall air a' chnoc agus fada air falbh.
Thuirt Mamaidh tunnag, "guag guag guag"
ach cha tàinig ach dà thunnag bheag air ais.
Chaidh dà thunnag
bheag a shnàmh aon là
thall air a' chnoc agus fada air falbh.
Thuirt Mamaidh tunnag, "guag guag guag"
ach cha tàinig ach aon thunnag bheag air ais.
Chaidh aon tunnag bheag
a shnàmh aon là
thall air a' chnoc agus fada air falbh.
Thuirt Mamaidh tunnag, "guag guag guag"
's cha tàinig tunnag bheag idir air ais.
Chaidh Mamaidh tunnag a
shnàmh aon là
thall air a' chnoc agus fada air falbh.
Thuirt Mamaidh tunnag, "guag guag guag"
thàinig a h-uile tunnag bheag air ais.