Sèist: Fhuair mi nead a' ghurra-gùg
ann an cùil na mòna,
fhuair mi nead a' ghurra-gùg
ann an cùil na mòna,
fhuair mi nead a' ghurra-gùg
ann an cùil na mòna
agus nead an fhithich
an cridhe nead na smeòraich.
Fhuair mi nead aig breac
an t-sìl
aig ceann shìos na pàirce,
cha robh dh'uighean ann ach trì
's rinn mi fhìn am fàgail,
beiridh i ceithir no còig
fòghnaidh siud de dh'àl dhi,
cumaidh mi rithe biadh gu leòr
bidh na h-eòin gun dàil aice.
Fhuair mi nead aig dreathan-donn
air taobh thall an lànain,
gheibh mi staigh thuige air toll
th' ann an ceann na bàthaich,
bha deich uighean ann an-dè
fad 's bu lèir dhomh an àireamh,
bidh h-aon eile aice le cinnt
thèid mi, 's chì mi màireach.
Fhuair mi nead a' bhricein
ghlais
ann an clais bhuntàta,
ceithir uighean ann, is eun
bheir mi biadh dha màireach,
cha leig mise neach ga chòir
ann am dheòin chan àill leam,
biadhaidh mi uile na h-eòin
bidh an còrr gun dàil ann.