Tuilleadh rannan

Smaoinich

"Smaoinich", ars an lòn-dubh,
"smaoinich", ars an starrag,
"Mar a tha sinn fhìn is daoine,
cho tur eadar-dhealaichte."

"Chan eil itean orrasan,
no sgiathan mar an ceudna,
's chan eil iadsan ag ithe bhoiteagan,
mar tha mi fhìn 's tu fhèin".

"Ged tha mòran dhiubh a' siubhal,
air itealan san speur,
chan eil duine aca tha comasach,
air falbh air sgèith leis fhèin."

"Chan eil feum againne air airgead,
airson taigh no biadh no aodach,
's nam bheachd-sa tha sinn fada mhòr,
nas fheàrr dheth na tha daoine".

(Bhon leabhar 'Trealaich is Tuilleadh Trealaich' le Mairead Hulse)