|

"Guac," ars an tunnag, "tha
mise math air seinn,"
"Chan eil," ars an ròcais 's e ag èigheach
àird a chinn.
"Agamsa tha an guth
as fheàrr," ars an coileach-ruadh,
"seinnidh mise tòrr nas àirde," ars
a' ghaoth a tuath.
Bha an uiseag bheag ag èisteachd
is dh'fhosgail i a beul,
thòisich i ri dùrdail is shìn i mach
a sgèith.
Nas binne no nas bòidhche,
cha chuala duine beò,
na an ceòl a bh' aig an uiseag 's i seinn gu h-àrd
sna neòil.
(Bhon leabhar 'Trealaich
is Tuilleadh Trealaich' le Mairead Hulse)
|