|

Thug Iain dhachaigh pioghaid,
nuair thàinig e on t-seòladh.
Bha e aige ann an cèids,
san uinneig anns an t-seòmar.
Thug e Nelson air mar ainm,
is dh'ionnsaich e dha còmhradh,
mar, "Bu tu fhèin am balach",
agus, "Air do shlàinte, a Mhòraig".
Sheinneadh Nelson puirt
a fead,
's e na shuidhe air an spiris
is chanadh "Nelson bòidheach",
a-rithist is a-rithist.
Ach nuair nochd ugh air
làr na cèidse,
bha fios againn gu deimhinn,
air cho bòidheach 's gun robh Nelson,
gur e a bh' ann ach Nellie.
(Bhon leabhar 'Trealaich
is Tuilleadh Trealaich' le Mairead Hulse)
|