Tuilleadh rannan

A’ chlann bheaga ‘s na ròin


Ròin dhubha 's ghlasa mach 's a-staigh mun tràigh,
mu na sgeirean beaga, a' plubadaich 's a' snàmh;
Greiseag bheag ag iasgach greiseag bheag am bàrr,
hì hò hudaileam, tudaileam ta-rà.

Hì hò hudaileam, tudaileam ta-rà,
chunnaic mise rudeigin is cudaig aig an-dràsta.
"Dùin do bheul, a luidealaich, feuch am faigh e dhà,
ma tha an t-isean cuide ris, feumaidh iad an tràth."

Faic am fear beag ciar ud thall an oir an làin,
nach e a tha math air iasgach, uill a chiall nach e.
Seall e ruith nan sìolagan aig ceann shìos a' bhàigh,
hì hò hudaileam, tudaileam ta-rà.

Plub, plub glugaman chì mi fhìn a dhà,
eist, tha còrr is ceud ann nan tigeadh iad am bàrr.
Seall am fear beag liath ud, nach eil e math air snàmh,
beiridh mi air fheusaig, tudaileam ta-rà.

Ach càite an tèid na biastan ud, nuair thig àm ba-bà?
Falbhaidh iad gu Feuraigh 's gu Grianamul a thàmh.
'S e mo rùn 's mo mhiann-sa gum faigh iad leabaidh bhlàth,
hì hò hudaileam, tudaileam ta-rà.

Le Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Èirisgeach)
(Bhon leabhar ‘Aimsir Phrìseil)