Tuilleadh rannan

Aig a’ chidhe


Sèist: Dè chunna mise aig a' chidhe an-dè?
Tancair mòr ola is eathar beag clèibh.
Chunna mi càr dol air bàta MacBrayne -
chunna mi sin aig a' chidhe an-dè.

Chunna mi làraidh le ultach de dh'fheur,
bogsa le giomaich is bogsa le iasg,
bogsaichean eile gan togail le crèan -
chunna mi sin aig a' chidhe an-dè.

Chunna mi bodaich 's iad a' càradh lìon,
gillean a' cur biathadh air dubhan le sgian,
bàtaichean-iasgaich is faoileagan nan dèidh -
chunna mi sin aig a' chidhe an-dè.

Chunna mi gheat a' cur ròp air a' chidhe,
caileagan is gillean a' falbh a Phort Rìgh,
dà bhaga dh'fhàg bhan a' phuist às a dèidh -
chunna mi sin aig a' chidhe an-dè.

(Bhon leabhar ‘Dotaman’)