|

Cia mheud gàirdean a th' air a' chrosgaig?
Cunnt iad agus chì thu,
'g eil barrachd air a dhà oirre,
is barrachd air a trì dhiubh.
Cunnt gu còig is 's e sin an àireamh,
ghàirdeanan chrosgag, crois na tràghad.
Chan eil gàirdeanan idir aig creachainn,
nas mò chan eil aca ach aon chas,
ach tha 'n sùilean cho lìonmhor 's ma thèid tè a dhìth orra,
fàsaidh tè eile na h-àite.
Tha muirsgian cho luath is cho làidir,
le cas a tha coltach ri tuagh,
dà phìob airson èadhar is uisge thoirt thuige,
nuair bhios e fo dhoimhneachd a' chuain.
Bha rèis aig crùbag is partan,
a dhearbhadh cò bu luaithe,
is ged a bha chrùbag nas motha,
's e 'm partan beag rinn a' chùis.
(Bhon leabhar ‘Trealaich is Tuilleadh Trealaich’ le Mairead Hulse)
|