Tuilleadh rannan

An cladach

An uair a thèid mi
chun a' chladaich
thig na stuadhan a-steach
mu mo chasan.

Chì mi clachan
de gach seòrsa,
air an tràigh.

Nuair a thèid mi
casruisgte
don uisge
chì mi sligean,
agus partain bheaga
a' teicheadh
gu luath.

O! cho brèagha 's a tha 'n cladach!

(Bhon leabhar ‘Seillean sa Bhotal’)