Tuilleadh rannan

An eather


Tha eathar aig bràthair m' athar-sa
's i fhèin tha coimhead bòidheach;
tha peanta dubh is geal oirre,
's na faiceadh sibh i seòladh!

Thèid e mach an rubha leatha
le clèibh agus le ròpan.
Gheibh e giomaich is crùbagan,
is reicidh e san Òb iad.

San Earrach thèid e mach gu muir
is cuiridh e linn mhòra;
gheibh e truisg is liùghagan
is cudaigean is leòbag.

As t-samhradh bheir e sinne mach
gu eilean airson cuirme,
gheibh sinn uighean fhaoileagan
is faochagan is crùbain.

(Bhon leabhar ‘Aimsir Phrìseil)