|

Sèist: Hòbhan na hòbhan hò,
hì ho rò na hùbhan,
hòbhan na hòbhan hò
air bìrlinn Ghoraidh Chròbhain.
Fichead sonn air cùl nan ràmh,
fichead buille lùghmhor;
siùbhlaidh i mar eun a' snàmh
is siaban thonn ga sgiùrsadh.
Suas i sheòid air bàrr nan tonn!
sìos gu ìochdar sùigh i!
suas an ceòl is togaibh fonn,
tha Mac an Rìgh ga stiùireadh!
A' Bhìrlinn Rìoghail, 's i a th' ann,
siubhal-sìth na gluasad;
sròl is sìoda àrd ri crann
's i Bratach Olaibh Ruaidhe.
Dh'fhàg sinn Manainn mòr nan tòrr,
Èirinn a' tighinn dlùth dhuinn;
air Ìle an fheòir tha sinn an tòir
ged dh'èireas tonnan dùbhghorm.
|