Tuilleadh rannan

Leis an lurgainn


Sèist: Leis an lurgainn o hì,
leis an lurgainn o hò,
beul an anmoich o hì,
's fheudar falbh le cuid sheòl.

An Cuan Èirinn o hì,
muir ag èirigh o hò,
's cha bu lèir dhuinn o hì,
nì fon ghrèin ach na neòil.

Seachad Ìle o hì,
'm beul na h-oidhche o hò,
las sinn coinnlean o hì,
‘s chuir sinn combaist air dòigh.

Seachad Àros o hì,
bha i gàbhaidh o hò,
'n fhairge làidir o hì,
suas gu bàrr a' chroinn-sgòid.

Thuirt an sgiobair o hì,
ri chuid ghillean o hò,
"glacaibh misneach o hì,
's dèanaibh dìcheall, a sheòid.

"Mar bu nòs dhuibh o hì,
seasaibh dìleas o hò,
bheil e coltach o hì,
gun tig dosgainn nar còir?

"Suas a h-aodach o hì,
ri croinn chaola o hò,
snàmh cho aotrom o hì,
ris an fhaoilinn air lòn.

"Muir ga bualadh o hì,
taobh an fhuaraidh o hò,
bidh sinn buadhar o hì,
's gillean uallach air bòrd.

"Fhuair sinn fosgladh o hì,
ma ceann toisich o hò,
fear ga taomadh o hì,
's gillean coltach air bòrd."