Tuilleadh rannan

Tha bàta seòladh air a’ chuan



Tha bàta seòladh air a' chuan
tha bàta seòladh air a' chuan
tha bàta seòladh air a' chuan
is Alasdair ga stiùireadh.

Thèid i chun an ear 's an iar
thèid i chun an ear 's an iar
thèid i chun an ear 's an iar
is Alasdair ga stiùireadh.

Dha na h-Innsean fad' air falbh
dha na h-Innsean fad' air falbh
dha na h-Innsean fad' air falbh
is Alasdair ga stiùireadh.

Thèid i cuairt a-null dhan Fhraing
thèid i cuairt a-null dhan Fhraing
thèid i cuairt a-null dhan Fhraing
is Alasdair ga stiùireadh.

Thig i dhachaigh 'm beul na h-oidhche
thig i dhachaigh 'm beul na h-oidhche
thig i dhachaigh 'm beul na h-oidhche
is Alasdair ga stiùireadh.

(Fonn: 'Chan eil mo leannan ann an seo')
(Bhon leabhar 'Trobhadaibh a-Steach' le Mairead Hulse)