Air a' chiad là den Nollaig, chuir m' eudail thugam
fhìn
smeòrach le ceileireadh binn.
Air an dàrna là
den Nollaig, chuir m' eudail thugam fhìn
dà chalman agus smeòrach le ceileireadh binn.
Air an treas là den
Nollaig, chuir m' eudail thugam fhìn
trì cearcan-fraoich, dà chalman agus smeòrach
le ceileireadh binn.
Air a' cheathramh là
den Nollaig, chuir m' eudail thugam fhìn
ceithir cuthagan, trì cearcan-fraoich, dà chalman
agus smeòrach le ceileireadh binn.
Air a' chòigeamh
là den Nollaig, chuir m' eudail thugam fhìn
còig cailleachan-oidhche, ceithir cuthagan, trì
cearcan-fraoich, dà chalman
agus smeòrach le ceileireadh binn.
Air an t-siathamh là
den Nollaig, chuir m' eudail thugam fhìn
sia seòid le sùrdag, còig cailleachan-oidhche,
ceithir cuthagan
trì cearcan-fraoich, dà chalman agus smeòrach
le ceileireadh binn.
Air an t-seachdamh là
den Nollaig, chuir m' eudail thugam fhìn
seachd mnathan uasal, sia seòid le sùrdag, còig
cailleachan-oidhche
ceithir cuthagan, trì cearcan-fraoich, dà chalman
agus smeòrach le ceileireadh binn.
Air an ochdamh là
den Nollaig, chuir m' eudail thugam fhìn
ochd òigearan uallach, seachd mnathan uasal, sia seòid
le sùrdag
còig cailleachan-oidhche, ceithir cuthagan, trì
cearcan-fraoich
dà chalman agus smeòrach le ceileireadh binn.
Air an naoidheamh
là den Nollaig, chuir m' eudail thugam fhìn
naoi neamhain luachmhor, ochd òigearan uallach, seachd
mnathan uasal
sia seòid le sùrdag, còig cailleachan-oidhche,
ceithir cuthagan
trì cearcan-fraoich, dà chalman agus smeòrach
le ceileireadh binn.
Air an deicheamh là
den Nollaig, chuir m' eudail thugam fhìn
deich deochan sùghmhor, naoi neamhain luachmhor, ochd
òigearan uallach
seachd mnathan uasal, sia seòid le sùrdag, còig
cailleachan-oidhche
ceithir cuthagan, trì cearcan-fraoich, dà chalman
agus smeòrach le ceileireadh binn.
Air an aona là deug
den Nollaig, chuir m' eudail thugam fhìn
aon deug a' seinn ciùil dhomh, deich deochan sùghmhor
naoi neamhain luachmhor, ochd òigearan uallach, seachd
mnathan uasal
sia seòid le sùrdag, còig cailleachan-oidhche,
ceithir cuthagan
trì cearcan-fraoich, dà chalman agus smeòrach
le ceileireadh binn.
Air an dàrna
là deug den Nollaig, chuir m' eudail thugam fhìn
cairt làn de phògan agus dusan ròsan,
aon deug a' seinn ciùil dhomh
deich deochan sùghmhor, naoi neamhain luachmhor, ochd
òigearan uallach
seachd mnathan uasal, sia seòid le sùrdag, còig
cailleachan-oidhche
ceithir cuthagan, trì cearcan-fraoich, dà chalman
agus smeòrach le ceileireadh binn.
(Bhon leabhar 'Trealaich is
Tuilleadh Trealaich' le Mairead Hulse. Fonn: 'Twelve Days
of Christmas')