|

Am faca sibh am bodach-sneachda a rinn mi fhìn is Màiri
air m' onair bha e eireachdail na sheasamh anns a' ghàrradh,
bha e àrd is bha e cruinn, nam bheachd-sa bha e àlainn
le sròin mhòr dhearg is sùilean dubha
is beul le fiamh a' ghàir air.
Chuir sinn stoc mu amhaich
airson cumail beagan blàths ris
is air a cheann am bonaid a thug mo sheanair à Ceann
Phàdraig,
putanan na bhodhaig agus sguab am bac a ghàirdein
's nuair thàinig àm dhuinn dhol a laighe, dh'fhàg
sinn soraidh slàn leis.
Ach, o mo chreach-sa
thàinig, nuair dhùisg sinn làirne-mhàireach
's chaidh sinn chun na h-uinneige 's sinn dol a chur air fàilte,
bha am bodach ud air triall san oidhche 's cha robh nì
air fhàgail
ach poll... is stoc... is bonaid a thug mo sheanair à
Ceann Phàdraig.
(Bhon leabhar 'Trealaich is
Tuilleadh Trealaich' le Mairead Hulse)
|