|

An oidhche ron Nollaig
tha sàmhchair mun cuairt
chan eil solas no soillse ann
chan eil creutair a' gluasad
an taigh ann an dorchadas
clann bheaga nan cadal
na stocainnean crochte
nan sreath mun a' chagailte.
Ach stad ort, chaidh cuideigin
seachad mun uinneig
tha an doras a' fosgladh
cò nis tha tighinn
le ceumannan aotrom
a-steach dhan an t-seòmar
Bodach na Nollaig
le feusag is cleòc air.
Null chun nan stocainnean
siud e gan lìonadh
le dolaichean is càraichean
mar a chaidh iarraidh
is nuair bhios na stocainnean
làn suas gum bàrr
thèid e mach air a shocair
gun facal a ràdh.
An oidhche ron Nollaig
tha sìth ann is sàmhchair
an oidhche ron Nollaig
bidh là mòr ann a-màireach.
(Bhon leabhar 'Trobhadaibh
a-steach' le Mairead Hulse)
|