Tuilleadh rannan



Bha an sneachda cho trom
chan fhaighinn a-mach,
nam shuidh aig an teine
's e lasadh cho math.

Chan fhaicinn tron uinneig
ach achadh cho geal,
an saoghal na chadal
gun ghluasad sam bith.

(Bhon leabhar 'Seillean sa Bhotal')