|

Thig e ann aig àm na Nollaige
Bodach na Nollaige ho ho
thig e ann aig àm na Nollaige ho ho
Bodach na Nollaige ho ho.
Còta dearg is feusag
fhada air
Bodach na Nollaige ho ho
còta dearg is feusag fhada air ho ho
Bodach na Nollaige ho ho.
Oidhche na Nollaig nuair
bhios mi nam chadal-sa
Bodach na Nollaige ho ho
oidhche na Nollaig nuair bhios mi nam chadal-sa ho ho
Bodach na Nollaige ho ho.
Teàrnaidh e sìos
an t-similear againne
Bodach na Nollaige ho ho
teàrnaidh e sìos an t-similear againne ho ho
Bodach na Nollaige ho ho.
Dèideagan dhan chloinn
sa bhaga aige
Bodach na Nollaige ho ho
dèideagan dhan chloinn sa bhaga aige ho ho
Bodach na Nollaige ho ho.
Clann a bhios crosta chan
fhàg e dad aca
Bodach na Nollaige ho ho
clann a bhios crosta chan fhàg e dad aca ho ho
Bodach na Nollaige ho ho.
Cuiridh e feadhainn dhan
stocainn agamsa
Bodach na Nollaige ho ho
cuiridh e feadhainn dhan stocainn agamsa ho ho
Bodach na Nollaige ho ho.
Gheibh mi iad nuair dh'èireas
sa mhadainn mi
Bodach na Nollaige ho ho
gheibh mi iad nuair dh'èireas sa mhadainn mi ho ho
Bodach na Nollaige ho ho.
Sgrìobhaidh mi litir
a chantainn 'tapa leibh'
Bodach na Nollaige ho ho
sgrìobhaidh mi litir a chantainn 'tapa leibh' ho ho
Bodach na Nollaige ho ho.
Beannachd leibh gun
till sibh an ath-bhliadhna
Bodach na Nollaige ho ho
beannachd leibh gun till sibh an ath-bhliadhna ho ho
Bodach na Nollaige ho ho.
(Air fonn 'Ho ro bhodachan
ho ro')
|