|

O ho ro hogaidh o, tiugainn còmh' rium an-dràsta
gu ruig bùth Santa Claus, tiugainn leam 's na dèan
dàil
tha na sgeilpichean làn 's tha gach nì ann an
dòigh
cha bhi airgead a dhìth, 's nach ann ann bhios an spòrs
ann am bùth Santa Claus.
Ann am bùth Santa
Claus tha gu leòr dhe gach seòrsa
dhe gach nì bheir toil-inntinn do shean agus òg
tha grìogagan deàlrach is fàinneachan
òir
's tha tombac son na bodaich a chumail air dòigh
ann am bùth Santa Claus.
Tha computers nam mìltean
a' lìonadh an àite
air am b' eòlach mi fhìn nuair a bha mi nam
phàiste
ge b' e cò chuir an gleus inneal uasal an àigh
rinn e fhortan cho cinnteach 's tha mise ga ràdh
ann am bùth Santa Claus.
Ge b' e dè
tha nad mhiann, thig ga iarraidh a-null
gu ruig bùth Santa Claus - chan eil nì nach
eil ann
sean is òg, beag is mòr bithibh fialaidh san
àm
's nuair a thig Là Nollaig bidh ar stocainnean làn
mach à bùth Santa Claus.
(Air fonn 'Bùth Dhòmhnaill
'icLeòid')
(Bhon leabhar 'Trobhadaibh a-steach' le Mairead Hulse)
|