Tuilleadh rannan

Mu mheadhan na h-oidhche dhuirch agus dhuibh

Mu mheadhan na h-oidhche dhuirch agus dhuibh
nuair a bhios sinn nar cadal, mise agus tusa
thig Bodach beag còir na Nollaig mun cuairt
ach cha tig e a-steach ma bhios duine na dhùisg.

Tha mi an dòchas gun d' fhuair e an litir a sgrìobh mi
mas math mo chuimhne, cha robh mòran a dhìth orm
ach baidhsagal dearg le cuibhleachean faileasach
solais is clag air - fear mar a th' aig Alasdair.

Tha Anna mo phiuthair a' sùileachadh tòrr
doilichean 's leabhraichean 's nithean dhen t-seòrsa
sgiort agus geansaidh, brògan is còta
ach ma gheibh mise am baidhsagal, suarach an còrr.

(Bhon leabhar 'Caoran ann an Cliabh' le Mairead Hulse)