Tuilleadh rannan

Santa Claus

Bidh iad a' tighinn air oidhche Nollaig
bidh iad a' tighinn nuair bhios e reòthte
bidh iad a' tighinn air oidhche Nollaig
na fèidh a' slaodadh Santa Claus!

Bidh poca làn aig Santa dhuinne
bidh poca mòr aig air a dhruim
bidh poca làn aig Santa dhuinne
rudan math a-staigh na bhroinn!

Santa Claus 's e cho toilichte
feusag fhada 's mionach cruinn
Santa Claus 's e cho toilichte
lìonaidh e ar stocainn dhuinn.

(Air fonn 'Cha b' ann dubh a bha mo leannan')