|

Tha an Nollaig gu bhith againn
le pàrtaidhean 's le spòrs
le cairtean is le litrichean
gan cur gu Santa Claus.
Sgrìobh mise litir
thuige
chuir mi sìos an dubh 's an geal
gu robh mi ag iarraidh baidhsagal
's nach biodh diofar gu dè an dath.
Tha fios a'm gum bi
baidhsagal
ro mhòr airson a bhaga
ach ma bheir esan dhòmhsa an t-airgead
gheibh mi fhìn e anns a' bhaile.
(Bhon leabhar 'Trobhadaibh a-steach' le Mairead Hulse)
|