|

Tha an oidhche ciùin is sàmhach, sneachda tuiteam
sìos gu làr
's tha na reultan nis mar sheudan, deàlradh anns na
speuran àrd
saoil an ann mar seo a bha e ann am Betlehem o chian
nuair a rugadh Iosa Crìosd.
Bha na caoraich leis a' bhuachaille
seasgar sàbhailte anns a' chrò
nuair a chunnacas 's a chualas ceòl nan ainglean ann
an glòir
's iad a' seinn an òrain aoibhneach ann am Betlehem
o chian
nuair a rugadh Iosa Crìosd.
Sheinn na h-ainglean
àrd Hòsanna, sìth air thalamh glòir
is gràdh
thàinig Iosa Rìgh nan Rìghrean dhar saoradh
on bhàs
sheinn na h-ainglean àrd Hòsanna ann am Betlehem
o chian
nuair a rugadh Iosa Crìosd.
(Laoidh air fonn 'Infant Holy'
le Mairead Hulse)
|