Tuilleadh rannan

Chaidh sinn a bhuain na mònach


Sèist: Chaidh sinn a bhuain na mònach
cho toilichte, cho toilichte.
Chaidh sinn a bhuain na mònach
le tairsgeir agus spaid.

Bòtannan agus còta oirnn
agus bonaidean, agus bonaidean;
bòtannan agus còta òirnn
gun fhios nach tigeadh fras.

Bha aran agus feòil againn
agus sconaichean, agus sconaichean.
Bha aran agus feòil againn
poit-tì agus orains-sguais.

Bhuain sinn fàdan mòra
agus corr-fhàdan, agus corr-fhàdan.
Bhuain sinn fàdan mòra
mus tàinig sinn air ais.

(Bhon leabhar 'Seinn Seo')