Tuilleadh rannan

Fear nam fiaclan


Is mise fear nam fiaclan
's cha toigh le duine beò mi,
ged chuireas mi an teich air
an dèideadh a leòn iad.

Sèist: "Ochan, ochan, ochan,"
bidh a' chlann ag èigheach,
"ochan, ochan, aaah!
mar tha sinn leis an dèideadh".

Ach nuair a chì iad mise
a' tighinn anns a' charbaid,
bidh iad uile a' caoineadh
's a' dol air falach ormsa.

Carson a-rèist nach toigh leibh mi?
Carson bhios sibh a' rànail?
Tha mise gu math laghach -
faighnich dha mo mhàthair.

Nuair a thig sibh thugam
cuiridh mi dhan t-sèidhir sibh,
is nuair a thèid sibh dhachaigh
cha bhi sibh leis an dèideadh.

(Bhon leabhar 'Seinn Seo')