Tuilleadh rannan

Làraidhean

Sèist: Làraidh an telefòn
làraidh MacBrayne
làraidh an arain
am faca tu fhèin?

Sìos is suas an rathad
thèid iad gu lèir
ca' bheil iad a' dol?
tha fhios aca fhèin.

Feadhainn uaine
dearg is buidhe
glas is ruadh
gorm is orains.

Float mhòr nam beathaichean
bidh i aig an fhèill
is bhan mhòr Ailein
a' reic liomainèad.

Is shuas anns a' chuaraidh
tha digear a' lìonadh
clachan is greabhal
dhan làraidh aig Iagan.

'S thig làraidh an rathaid
le solas beag buidhe
i a' crathadh an t-salainn
's an rathad cho sleamhainn.

(Bhon leabhar 'Seinn Seo')