Litir a Steòrnabhagh, tè
a Phort Rìgh
litir a dh'Èirisgeigh - c' àil Leac a Lì?
litir a Bharraigh, Ceann a' Bhàigh, Dail bho Dheas
siud litir le ainm 's gun sgeul air address.
Dè an t-àite tha siud, cha dèan mi a-mach
tha sgrìobhadh mar chearc a' coiseachd san t-sneachd
litir le pògan mòr air a bàrr
seo cairt le dealbh de - Costa del Mar.
Litir a Scalpaigh, litir
a Thunga
litir a Ghèirinis, litir a dh'Uig
Na Lochan, Na Ceallan, Na Hearadh, Na Bàigh,
An Tairbeart, An t-Iochdar, An Dìg is An Àird,
Càirinis, Stocinis, Calanais, I,
Grìomsaigh, Bhatarsaigh, Tarasaigh, Grìop.
Aon litir eile - tè thugam fhìn.
siud agad uile iad - nis tiugainn gur tì.