'S i bheairt a rinn mo shàrachadh,
's i bheairt a rinn mo shàrachadh,
nuair a chuir mi innte spàl
bhrist ise h-uile snàth a bh' ann.
'S i bheairt a rinn mo shàrachadh.
Ged nach eil mi eòlach
oirre,
tha eagal orm nach còrd i rium,
tha na h-iomallan innte cho dlùth
agus chan eil sùil far am bu chòir dhi bhith.
'S i bheairt a rinn mo shàrachadh.
'S a bheil sibh an dùil
am pàigh i dhomh,
no am buin i ri mo nàdar-sa?
Ma bhios sin fìor, gun tèid mi fhìn
a-null air sgrìob a dh'Astràilia.
'S i bheairt a rinn mo shàrachadh.
'S e chanas cuid dhe mo
chàirdean rium,
"'S ann ort a bha am fàilligeadh.
Bha thu gun diù agus 's tu bha faoin
nuair a thug thu an taobh-sa phlàigh bha sin."
'S i bheairt a rinn mo shàrachadh.
'S ged bheirinn Eachann
Sheòrais thuice
's gun cuir e i an òrdugh dhomh,
's e chanas e rium, "Chan eil innte ach a' bhrùid
thàinig a-nall à Uig - nach bu chòir
i sin."
'S i bheairt a rinn mo shàrachadh.