Tuilleadh rannan

Tractar


Sèist: An tractar a th' agamsa
's esan a tha trang,
trr ud tud tud aige
is glumagan de cheò às.

Tha trèilear is tipear air
a chòpas luchdan mònach,
rothan mòra dubha a nì
lorgan anns a' bhòchar.

Thèid e dhan chladach
airson mol agus gainmhich,
an trèilear a' glagadaich
air na clachan garbha.

Falbhaidh e le crann
a nì arbhar is buntàta,
slaodaidh e cliabh
is cuiridh e tobhar gallda.

Trr ud tud tud aige
mach sa h-uile sìde,
an tractar a th' agamsa,
chan eil e fàs sgìth dheth.

(Bhon leabhar 'Seinn Seo')