Tuilleadh rannan

Aon, dhà, trì

Aon, dhà, trì
tha cuilean agam fhìn
tha e math air cluiche
aon, dhà, trì.

Ceithir, còig, sia
chunnaic mise iasg
a' snàmh anns an abhainn
ceithir, còig, sia.

Seachd, ochd, naoi
dubhan agus sreang
glacaidh sinn an t-iasg leis
seachd, ochd, naoi.

Tha sinn aig a deich
's tha an t-iasg air teicheadh
chuala e a' tighinn sinn
's thug e chasan leis.

(Bhon leabhar 'Caoran ann an Cliabh' le Mairead Hulse)