Tuilleadh rannan

Chaidh Mamaidh lach a-mach a shnàmh


Chaidh Mamaidh lach a-mach a shnàmh
le còig isein air a sàil
thuirt Mamaidh lach, "Gra, gra, gra, grag"
's bha ceithir isein air am fàgail.

Chaidh Mamaidh lach a-mach a shnàmh
le ceithir isein air a sàil
thuirt Mamaidh lach, "Gra, gra, gra, grag"
's bha trì isein air am fàgail.

Chaidh Mamaidh lach a-mach a shnàmh
le trì isein air a sàil
thuirt Mamaidh lach, "Gra, gra, gra, grag"
's bha dà isean air am fàgail.

Chaidh Mamaidh lach a-mach a shnàmh
le dà isean air a sàil
thuirt Mamaidh lach, "Gra, gra, gra, grag"
's bha aon isean air fhàgail.

Chaidh Mamaidh lach a-mach a shnàmh
le aon isean air a sàil
thuirt Mamaidh lach, "Gra, gra, gra, grag"
's cha robh gin air fhàgail.

Chaidh Mamaidh lach a-mach a shnàmh
le aon isean air a sàil
thuirt Mamaidh lach, "Gra, gra, gra, grag"
's thill aon, dhà, trì, ceithir, còig, dhen àl.

(Bhon leabhran 'Seinneamaid Còmhla')