Tuilleadh rannan

Bus mòr



Bus mòr, mòr is e falbh dhan bhaile
bus mòr, mòr is e falbh dhan bhaile
bus mòr, mòr is e falbh dhan bhaile
mise air a' bhus, mi fhìn agus Mamaidh.

Brum, brum, brum ars am bus mòr
brum, brum, brum ars am bus mòr
brum, brum, brum ars am bus mòr
leumaibh na mo bhroinn is thèid mi dhan bhaile.

Thèid mi fhìn is Mamaidh agus ceannaichidh sinn aran
ceannaichidh sinn brògan is stocainnean is adan
sausages is ìm agus tì agus sgadan
nuair a bhios sinn sgìth thèid mi fhìn is Mamaidh dhachaigh.

Brum, brum, brum aig a' bhus mhòr bhuidhe
brum, brum, brum aig a' bhus mhòr bhuidhe
brum, brum, brum aig a' bhus mhòr bhuidhe
tha sinn uile sgìth a' tilleadh às a' bhaile.

(Bhon leabhran 'Rannan' le Ceiteag Mhoireasdan)

© dealbhan Christine Campbell & GRD