|

Sèist: An tractar a th' agamsa
's esan a tha trang
trr ud tud tud aige
is glumagan de cheò às.
Tha trèilear is tipear
air
a chòpas luchdan mònach
rothan mòra dubha a nì
lorgan anns a' bhòchar.
Thèid e dhan chladach
airson mol agus gainmhich
an trèilear a' glagadaich
air na clachan garbha.
Falbhaidh e le crann
a nì arbhar is buntàta
slaodaidh e cliabh
is cuiridh e tobhar gallda.
Trr ud tud tud aige
mach sa h-uile sìde
an tractar a th' agamsa
chan eil e fàs sgìth dheth.
(Bhon leabhar 'Seinn Seo')
© dealbhan Christine Campbell & GRD
|