Biast-dubh no Dòbhran

Tha grunnan math de bhiastan-dubha ann an Alba
agus anns na h-eileanan. Ann an àitean eile de Bhreatainn chaidh
an sealg gu an-iochdmhor le geamairean agus iasgairean oir bha iad ag
ithe cus èisg.
Tha mòran de na h-aibhnichean air an truailleadh
cuideachd agus mar sin 's ann sa Ghaidhealteachd agus anns na h-eileanan
a-mhàin a tha am beathach ùidheil, càilear seo beò.
'S iongantach mun do leugh sibh an stòraidh, "Tarka the Otter",
a sgrìobh Henry Williamson. Tha e ag innse na cunnartan anns an
robh na biastan-dubha bho dhaoine agus bho nàimhdean eile ann an
Sasainn.
Sgrìobh Gavin Maxwell an leabhar, "Ring
of Bright Waters", mu na biastan-dubha a bha còmhla ris san taigh
ann an Caolas Shlèite san Eilean Sgiathanach. Lorgaidh tu biastan-dubha
air feadh nan Eilean Siar. 'S e beathaichean mòra donna a th' annta
(timcheall air meatair gu leth a dh'fhaid) agus tha earbaill fada orra.
Tha spògan-shnàmha orra agus snàmhaidh iad gu math
le an cinn a-mhàin an àirde. Chì thu an earbaill
nuair a bhios iad a' dol fon uisge. Tha na biastan-dubha againn a' caitheamh
a' chuid as motha dem beatha ri taobh na mara, ag ithe an èisg
ach chithear iad cuideachd ri taobh aibhnichean agus lochan far am faigh
iad iasg agus easgannan, am biadh as fheàrr leotha. Bidh iad a'
fuireach ann an tuill fo chreagan agus fo chraobhan far am bi iad ag àrach
an cuileanan òga. Tha e a' còrdadh riutha a bhith a' cluich
còmhla, a' slaighdeadh sìos nam bruachan no a' ruith a chèile
san uisge.
Tha an sgeulachd a leanas air a h-ath-sgrìobhadh
bhon sgeulachd a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean leughaidh Blackie,
leis a' Chomunn Ghaidhealach.
Tha còta bòidheach agus bian àlainn
air. Tha an dòbhran math air iasgach. Cha mhòr nach eil
e cho math ri ròn. Aon uair rinn duine peata de dhòbhran.
Cha robh latha den bhliadhna nach robh an dòbhran a' toirt iasg
chun an duine sin.
Chan eil diofar leis an dòbhran an ann ann
an abhainn no anns a' mhuir a bhios e ag iasgach. Chan eil na maoir-uisge
no tuinn na mara a' cur dragh air.
Bidh an dòbhran a' dèanamh a dhachaigh
ann an sgor ann an creig no ann an toll am measg chlachan mòra.
Is toigh leis uisge a bhith faisg air a dhachaigh airson e fhèin
a nighe mus fhalbh e a-mach a dh'iarraidh a bhracaist.
Nuair a bhios àl aig an dòbhran,
cluinnidh tu iad a' feadalaich am measg nan creag mus tuit an oidhche.
Bha na seann daoine ag ràdh, nuair a bha
na dòbhrain pailt o chionn fhada, gum biodh iad a' tighinn còmhla
ann am buidhnean, agus gun robh ceannard no rìgh air ceann gach
buidheann.
Is e an dobhar-chù a bh' air a' cheannard
sin agus mar bu trice bhiodh ceithir dòbhran thar fhichead fo a
stiùireadh. Bha an dobhar-chù treun agus misneachail agus
bha e duilich grèim fhaighinn air fiù 's ged a bhiodh an
sealgair glè eòlach.
B' e tu fhèin an laochan, a dhòbhrain
dhuinn. Beannachd leat an-dràsta, ach guma fada beò thu
is bradan ùr agad a-staigh.
Mullach na duilleige
|