|
|

|
Bho thoiseach an t-Sultain cluinnear
fuaim glòrmhor nan eala sna h-Eileanan Siar nuair a
bhios iad a' tilleadh bho na cuantan a tuath ann an teaghlaichean
agus ann am buidhnean beaga. Tha lochan ann an Leòdhas
- Loch Stiapabhat ann an Nis, Loch Ordais ann am Bràgair,
Loch a' Bhaile ann an Tolastadh a' Chaolais agus Loch Crò
Mòr air leth freagarrach airson ealachan, ach uaireannan
chithear iad aig lochan eile sna h-eileanan.
Bidh a' chuid as motha dhiubh rim
faicinn ann an Col far am bi iad a' cur seachad barrachd tìde
na ann an àite sam bith eile ach a-mhàin ann
an Nis. Bidh deich air fhichead gu dà fhichead dhiubh
a' cur seachad a' gheamhraidh ann an Leòdhas.
|
Bidh àireamh dhiubh
anns na Hearadh cuideachd far a bheil lochan freagarrach ach 's ann
sna h-Uibhistean agus am Beinn na Faoghla as cumanta a tha iad a'
geamhrachadh ma leigeas na h-ealachan-bàna leotha.
Corra uair chithear
ealachan ann an Leòdhas agus na Hearadh as t-samhradh ach
mar as tric 's e feadhainn a bha air an leòn agus nach do
dh'fhalbh còmhla ri càch as t-earrach a bhithear a'
faicinn air Loch Stiapabhat san t-Ogmhìos no san Iuchair.
Bidh suas gu dhà-dheug a' fuireach air lochan anns na h-Uibhistean
agus chithear iad aig Loch Hallan ann an Uibhist a Deas agus tuath
air. Chan eil e soillear gu bheil iad a' neadachadh ach chunnacas
eala a' dìon eala-bhàn aig nead le uighean ann an
Uibhist a Deas ann an 1978. Tha an "Atlas of Breeding Birds in Britain
& Ireland" ag ràdh gun do neadaich ealachan ann am Beinn
na Faoghla ann an 1947.
Chithear ealachan bho
àm gu àm sa gheamhradh air an dà loch as motha
ann am Barraigh. 'S dòcha gun robh feadhainn a' neadachadh
ann am Barraigh ann an 1979 ach chan eil cinnt sam bith ann. Bha
trì eòin ann fad an t-samhraidh agus chunnaic Dr Spray
eala le dà isean air 13 Sultain aig ceann a deas Uibhist
a Deas. Bha seo mìos mus tàinig iseanan eile a' bhliadhna
sin.
Chunnt Dr Spray dà
cheud, trì fichead 's a seachd anns na h-Eileanan mu Dheas
ann an 1978, 20% dhiubh nan iseanan agus ceud trì fichead
's a sia-deug ann an 1979, 12% dhiubh sin nan iseanan. Nuair a chaidh
cunntas a dhèanamh air ealachan ann an Leòdhas san
Damhair 1979 bha trì fichead 's a h-ochd ealachan agus seachd
iseanan ann (9.3%).
|