|
|

|
'S e na fèidh
(red deer) na mamalan as motha a th' againn agus tha iad rim
faicinn air feadh nan eilean. B' ann an coille a b' àbhaist
dhaibh a bhith ag ionaltradh ach nuair a chaidh an Caledonian
Forest a sgrios b' fheudar dhaibh a bhith beò air mòintich
agus beanntan ar n-eilean.
Canar frìthean
ris na h-àitean sa bheil iad a' còmhnaidh ann
am beanntan Leòdhais, na Hearadh agus Uibhist a Tuath
agus Deas. Bidh iad a' falbh ann an treudan, ach bidh na daimh
agus na h-eilidean a' dealachadh aig amanan sònraichte
den bhliadhna.
|
Tha spotan geala air na
laoigh òga nuair a bheirear iad sa Chèitean agus san
t-Ogmhìos gus nach faic an nàimhdean iad san fheur no
san fhraoch oir chan eil iad comasach air gluasad gus am bi iad mu
sheachdain a dh'aois.
'S e daimh a chanar
ris an fheadhainn fhireann agus 's ann orrasan a-mhàin a
tha cabair a' fàs. Tha iad a' fàs às ùr
a h-uile samhradh agus a' tuiteam dhiubh sa Ghiblinn. Is ann leotha
a bhios iad a' sabaid ri daimh eile mu na fèidh bhoireann,
na h-eilidean. Tha iad math air snàmh agus air falbh bho
àite gu àite agus mar sin lorgar iad air eileanan
beaga ach 's e daoine a thug a-steach iad a dh'eileanan, mar Pabaigh
anns na Hearadh, ann an 1978. Bhàsaich na fèidh a
bh' ann an Uibhist a Deas ach chaidh feadhainn eile a thoirt a-steach.
Tha e air aithris gun
do dh'fhalbh damh a chaidh a thoirt a-steach dha na Hearadh sìos
tro na h-eileanan gu ruige Barraigh a' lorg eilid a chòrdadh
ris. Cha do lorg e sin agus thill e air ais gu tuath ach gu mì-fhortanach
chaidh a mharbhadh nuair a bha e a' snàmh tarsainn air Caolas
na Hearadh.
|