back to home page
Comhairle nan Eilean Siar | Education I Gaelic Resource Database | Eòin agus Ainmhidhean | Geàrr

Geàrr

Tha e air aithris gur e am Morair Shìophort a thug gearran a-steach a Leòdhas anns an ochdamh linn deug agus gun robh iad rim faotainn ann am Barabhas ann an 1797.

Chaidh feadhainn eile a thoirt gu Roghadal anns na Hearadh leth-cheud bliadhna an dèidh sin ach cha do mhair iad beò ann an àite seach àite.

Chan eil iongnadh an seo oir is e pàirce no coille an ionaltradh is fheàrr leotha. Chaidh Geàrr-ghorm an toirt a-steach a Roghadail mun aon àm agus shoirbhich iadsan ann am beanntan fraoich Leòdhais agus na Hearadh. Nuair a dh'fhàs iad lìonmhor agus a sgaoil iad a-mach cho farsaing thòisich daoine gan sealg air mòinteach Bharabhais agus mar sin chaidh cur às dhaibh gu ìre mhòr. 'S ann ainneamh a chithear iad an-diugh ann an Leòdhas no anns na Hearadh. Tha an t-ainm Geàrr-ghorm orra do bhrìgh gum bi iad ann an àitean far a bheil sneachda sa gheamhradh.

Bidh bian geal a' fàs orra as t-fhoghar gus nach bi e furasta dhan nàimhdean am faicinn san t-sneachda.

Nuair a thig an t-earrach tha an dath aca ag atharrachadh gu gorm. Anns na h-Eileanan Siar far nach eil mòran sneachda sa gheamhradh tha e furasta dha na h-Iolairean-bhuidhe (dhubha) na geàrr leis a' bhian gheal fhaicinn agus cur às dha mòran aca. Tha còta nach eil cho follaiseach a' fàs air an fheadhainn a tha air am fàgail beò sa gheamhradh. 'S ann am measg an fheòir no am measg an fhraoich a bhios iad a' dèanamh neadan far am bi iad a' togail an àil. Ged a tha geàrr a' dèanamh nead tha na cuileanan air am breith le bian tiugh, sùilean fosgailte agus tha comas aca a bhith a' ruith an ìre mhath an uair a bheirear iad.

'S iongantach mur a cuala sibh mun dà gheàrr, am "March Hare" anns an leabhar "Alice in Wonderland" agus "Brer Rabbit" ann an stòraidh cloinne "Uncle Remus". 'S e geàrr às Afraga a bh' ann am "Brer Rabbit". A rèir mhìth-sgeulan a thugar a dh'Ameireagaidh le tràillean, b' e gaisgeach a bh' ann am "Brer Rabbit" a bha an gnàth a' faighinn làmh an uachdair air nàimhdean a bha na bu mhotha na e fhèin.

Mullach na duilleige
Ag Obair Còmhla Airson Nan Eilean - Working Together For The Western Isles