|
Bha iad rim faicinn
ann an Steòrnabhagh air an fhionnaraigh mus deach seann
thogalaichean mar an "Cottage" air Sràid na h-Eaglaise
a leagail. 'S dòcha gu bheil beagan dhiubh ann fhathast
oir chaidh tè a lorg faisg air Eaglais Naoimh Pheadair
a bha a' bàsachadh an dèidh gèile. 'S dòcha
gu bheil gu dearbh "ialtagan san tùr-cluig!" (bats in the
belfry!).
'S ann faisg air an
Abhainn Ghrìde agus timcheall air a' chaisteal as dualtaich
dhut am faicinn an-diugh. 'S e cuileagan a bhios ialtagan ag ithe.
Tha dòigh iongantach aca air an creach a lorg le a bhith
a' leigeil a-mach sgìamh a bheir mac-talla air ais thuca.
Le seo nì iad a-mach an astar a tha iad air falbh, an àirde
sa bheil iad agus an cùrsa. Mar sin bha sònar aig
na h-ialtagan fada mus do smaoinich daoine air aig àm a'
chogaidh mu dheireadh.
|