back to home page
Comhairle nan Eilean Siar | Education I Gaelic Resource Database | Eòin agus Ainmhidhean | Tunnag-fhiadhaich

Tunnag-fhiadhaich/Lach/Lach-ghlas/Lach-riabhach/Lach-ruadh

'S e seo an fheadhainn as cumanta de thunnagan ionaltradh-uachdair anns na h-Eileanan Siar.

Gheibhear àireamhan mòra air a' chosta an iar am measg sgeirean agus anns an Loch a Tuath an Leòdhas.

Chithear timcheall air ceud air Loch Stiapabhat ann an Nis san Dàmhair agus treudan den mheud sin as t-foghar anns na h-Uibhistean agus Beinn na Faoghla air lochan na machrach.Tha iad sin a' sgapadh is a' neadachadh faisg air na lochan sin agus air lochan agus sruthain freagarrach air a' mhòintich ann an Leòdhas agus na Hearadh. Chan eil iad cho cumanta ann am Barraigh far nach eil mòran lochan fìor-uisge.

Mullach na duilleige
Ag Obair Còmhla Airson Nan Eilean - Working Together For The Western Isles